Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Arthur Cormack > Nuair Bha Mi Òg > Failte Do'n Eilean Sgiathanach
|
Failte Do'n Eilean Sgiathanach |
| Credits : | Neil MacLeod & H. White; arranged by Arthur Cormack, Alan Reid & Robin Morton |
| Appears On : | Nuair Bha Mi Òg |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| O failt' air do stùcan | Oh hail to your crags |
| Do choireachan ùdlaidh | And dark corries |
| Do bheanntainean sùghmhor | Your solid mountains |
| Far an siùbhlach am meann | Where the young roe wander |
| Tha 'n geamhradh le dhùdhlachd | The gloom of winter |
| Mu na meallaibh a' dùnadh | Closes around the hills |
| 'S gach doire le bhùirean | And the wind-blown groves |
| Air a rùsgadh gu bonn | Are completely stripped |
| Is chi mi an Cuilionn | And I see the Cullin |
| Mar leómhann gun tioma | Like a fearless lion |
| Le fhiasaig de 'n t-sneachd | With a beard of snow |
| Air a phasgadh m' a cheann | Encircling its head |
| 'S a ghruaidhean a' srùladh | And its cheeks furrowed |
| Le easannan smùideach | By foaming waterfalls |
| Tha tuiteam 'n an lùban | Falling and twisting |
| Gu ùrlar nan gleann | To the glens below |
| O c' àit' 'eil na gaisgich | Oh where are the brave men |
| A dh' àraich do ghlacan | Who were reared in your glens |
| Bu shuilbhire macnus | Who moved with alacrity |
| Mu stacan a' cheò? | Around the misty hills? |
| Le fùdar 'g a sgailceadh | With powder fired |
| Bho 'n cuilbheirean glana | From clean muskets |
| 'S na mial-choin 'n an deannaibh | And their mighty hunting dogs |
| Nach fannaich 's an tòir | Who never faltered in their search |
| Na laoich nach robh meata | The heroes uncowardly |
| Ri aodann a' bhatail | In the face of battle |
| Nach aomadh gu taise | Who would not yield readily |
| Ri caismeachd an nàmh | To the enemy's war cry |
| Cha 'n eil raon agus machair | On every field and plain |
| Air 'n do sgaoil iad am bratach | Where they unfurled their banner |
| Nach d' fhàg iad an eachdraidh | They left a historic legacy |
| Gun mhasladh d'an àl | Which does not disgrace their issue |
| Ach 's caomh leam do ghleanntan | But I love your glens |
| Do shrathan 's do bheanntan | Your valleys and mountains |
| 'S an ceò tha 'n a chadal | With mist resting |
| Air baideal nan àrd | On their high pillars |
| Na ciabhagan torach | The fertile fields |
| Na srònagan corrach | The high promontories |
| 'S na sruthan ri coireal | And the streams loudly calling |
| Do 'n eilid's d' a h-àl | The hind and her young |
| Gu ma buan a bhios t' eachdraidh | May your history be eternal |
| Agus cliù aig do mhacaibh | And your sons renowned |
| Gus an crìonar an talamh | Until the earth decays |
| 'S am paisgear na neòil | And the heavens fold |
| Fhad 's bhios sìoban na mara | While the surf |
| A' bualadh air carraig | Pounds its rocky shore |
| Bidh mo dhùrachd gun deireas | I will never relinquish my love |
| Do dh' Eilean a' cheò | For the Isle of Mist |